Ministear na Còmhdhail ag ràdh nach tig fuasgladh a' chiad ghreis
Thuirt Ministear na Còmhdail nach eil fuasgladh aithghearr air na duilgheadasan air an t-slighe aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.
Thuirt Humza Yousaf nach eil e comasach bàta eile a chur air an t-slighe, agus nach gabh bata-bathair a lorg nas motha.
Tha an t-seirbheis eadar Leòdhas agus Ulapul air a bhith cho trang aig amanan 's nach fhaigh daoine siubhal gu, neo far, an eilean nuair a tha iad ag iarraidh.
Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.