Ionad turasachd ùr Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Ionad Turasachd Inbhir NisTùs an deilbh, VisitScotland
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhosgladh an t-ionad 'icentre' aig VisitScotland le Rùnaire a' Chultair is na Turasachd ann an Riaghaltas na h-Alba, Fiona Hyslop, Cathraiche VisitScotland, Am Morar Thurso, le taic bhon phìobaire Iain Caimbeul.

Chaidh ionad turasachd ùr a fhosgladh gu h-oifigeil ann am pìomh bhaile an Gàidhealtachd.

Dh'fhoslgadh an t-ionad 'icentre' aig VisitScotland le Rùnaire a' Chultair is na Turasachd ann an Riaghaltas na h-Alba, Fiona Hyslop.

A bharrachd air fiosachadh mu na tha ri fhaicinn agus goireasan 'son àiteachan-fuirich agus ticeadan a chur air dòigh, bidh goireasan wi-fi an asgaidh ann do luchd-tadhail.

A rèir nam figearan as ùire, tha an àireamh de luchd-turais bho thall thairis a tha air a bhith a' tadhal air Inbhir Nis air a dhol an-àirde còrr is 50% bho 2011.