Corp ga thoirt à abhainn an Athall
- Air fhoillseachadh

Chaidh corp fireannaich, 19, a thoirt às an uisge aig Eas Bhruthair ann an Athall.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean teasairginn mu 5:30f Diciadain agus buidheann de dhaoine ann an duilgheadas.
Bha na Poilis, an luchd-smàlaidh, luchd-eiridinn, heileacoptair agus sgioba teasairginn bheann na sgìre, an sàs anns an iomairt.
Thuirt na Poilis gun deach fios a chur air teaghlach an duine.
Thathas a' tuigsinn gun robh an duine, a bhuineadh do Shasainn, còmhla ri caraidean a dh'fheuch ri cobhair a dhèanamh air nuair a fhuair e ann an duilgheadas san uisge.
Cha deach ainmeachadh fathast.