Fear-sreap air bàsachadh an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh

Chaidh fios air na seirbheisean èiginneach mu 1:20f Diciadain
Bhàsaich fireannach a bha a' coiseachd ann an Gleann Comhann Diciadain.
Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm mu 1:30f chun na sgìre faisg air taigh-òsta Chlachaig.
Cha deach an duine ainmeachadh fhathast agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.