TB a' chruidh san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun deach TB a' chruidh a lorg ann an stoc san Eilean Sgitheanach.
Tha dùil gun deach 21 bheathach-mairt a spadadh mar dhòigh air an galar a chumail fo smachd.
Tha Alba le inbhe mar dhùthaich a tha saor bho TB a' chruidh gu h-oifigeil bho 2009, le cho ainneamh 's a tha an tinneas a' nochdadh san dùthaich.
Thuirt labhraiche bho Riaghaltas na h-Alba:
"Chaidh TB a' chruidh a dhearbhadh ann an treud chruidh san Eilean Sgitheanach.
"Tha casg air beathaichean on chroit a ghluasad no a reic fhad 's a tha tuilleadh dheuchainnean gan dèanamh.
"Thathas fhathast a' rannsachadh dè dh'adhbharaich a' chùis.
Thuirt an tuathanach, nach ainmichear, leis a bheil an crodh: "'S e àm air leth draghail agus doirbh a tha seo dhomh.
"Chaidh an crodh a dh'fhailich an deuchainn air an tuathanas a spadadh, agus tha tuilleadh dheuchainnean a-niste gan dèanamh feuch a bheil TB orra.
"Tha a bhith a' feitheamh air na toraidhean sin gu math streasmhor, ach tha mi airson faighinn gu bonn na cùise seo, gum faigh mi cead mo chuid chruidh a ghluasad agus a reic a-rithist, agus m' inbhe mar thuathanas saor bho TB fhaighinn air ais cho luath 's a ghabhas, agus obraichidh mi còmhla ris na h-ùghdarrasan gus sin a dhèanamh."
Bidh an galar a' sgapadh gu math luath tro threud chruidh, agus tha e comsach - ach gu math ainneamh - do mhac-an-duine a ghlacadh bhon chrodh.
Dh'adhbharaich mar a chaidh an galar fhaighinn ann am broc ann an Cumbria o chionn beagan làithean iomagain am measg thuathanach na h-Alba.
Thuirt Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ann an Alba (NFU) gur e cùis èiginn a bhiodh ann nan cailleadh Alba a h-inbhe mar dhùthaich a tha saor bhon ghalar.
Dh'iarr eòlaichean air tuathanaich gun a bhith ro iomagaineach mu dheidhinn, ach a bhith a' cumail ri ìrean àrda de bhith-thèarainteachd.