Feum air leasachadh sa Ghearasdan
- Air fhoillseachadh

Nochd beachd gum bu chòir rathad ùr a chur tron Ghearasdan leis cho trang 's a tha am baile.
Tha Loch Abar, mar grunn sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd, air a bhith glè thrang le luchd-turais anns na seachdainean mu dheireadh.
Chan ann a-mhàin air an rathad a tha iad a' tighinn.
Tha an àireamh de shoithichean mòra làn luchd-turais a tha a' tadhal sa Ghearasdan tron t-seusan air èirigh bho aon gu sia bho thogadh pontùn ann.
Thuirt Sarah Cheannadach bho Mharina a' Ghearasdain gun robh sgaradh bheachd san àite mun leasachadh, ach gu bheil daoine a-nise a' faicinn gu bheil feum ann.
Dh'innis i gu bheil bùithean gu sònraichte air a bhith tòrr nas trainge.
Ach ged a tha fàite ga chur air an luchd-turais, thathas a' faireachdainn gum feum goireasan san fharsaingeachd a leasachadh.
"S e an rud air feadh na Gàidhealtachd gu bheil sinn feumach air barrachd mhaoineachadh airson ar bun-structair", thuirt BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis.
"Cha robh dùil againn ris na h-àireamhan de luchd-turais air a' Ghàidhealtachd ach tha iad an seo, is feumaidh sinn barrachd a dhèanamh airson is gum bi sinn deiseil airson na h-ath-bliadhna.
"Tha fios againn nach do thog iad na rathaidean 'son an àireamh de luchd-turais a tha a' tadhal air a' Ghearasdan, is tha mi a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh airson rathad eile fhaighinn, 's dòcha, tron Ghearasdan", thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An Lùnastal 2017
