Duine marbh às dèidh tubaiste air an A82
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich fireannach, 56, às dèidh tubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd Didòmhnaich.
Thachair an tubaist air an A82 dìreach deas air A' Chàrnaich mu 1:30f.
Bha an duine a' siubhail gu tuath air motair-baidhsagail orainds.
Chaidh a thoirt a dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan ach bhàsaich e an sin.
Thuirt na Poilis gu bheil iad airson bruidhinn ri neach a bha a' dràibheadh càr beag dearg a dh'fhaodadh a bhith air an tubaist fhaicinn.
Chaidh an rathadh a dhùnadh às dèidh na tubaiste ach dh'fhosgail e às ùr aig 8:05f.
Chaidh fios a chur air teaghlach an duine is thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh