Duine a chaill a bheatha an tubaist air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'ainmich na Poilis duine a chaill a bheatha ann an tubaist rathaid air a' Ghàidhealtachd Didòmhnaich.
B' e Adam Johnston, 56, à Bo'ness ann an Lodainn an Iar.
Thachair an tubaist air an A82 dìreach gu deas air a' Chàrnaich mu 1:30f.
Bha Mgr Johnston a' siubhail air motair-baidhsagail aig an àm.
Cha robh càrbad eile an lùib na tubaiste.