Faraidhean aiseig nas saoire do mhuinntir Arcaibh 's Shealltainn

Chaidh sgeama ùr airson faraidhean nas saoire air aiseagan Arcaibh agus Shealltainn fhoillseachadh an-diugh le Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Humza Yousaf.

Bhon ath-bhliadhna, bidh sgeama RET air slighean a' Chaoil Arcaich, agus thèid sgeama coltach ris a chur eadar Lerwick, Baile na h-Eaglaise agus Obar Dheathain.

Tha Karen Elder ag aithris.