Na Sgitheanaich, am maor tadhail agus an rèidio
- Air fhoillseachadh

Nuair a thèid Camanachd an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd Disathairne, 's dòcha gum bi cuid a' cuimhneachadh air an aon turas, thuige seo, a bhuannaich iad geama aig an ìre seo den fharpais.
B' e an Gearasdan a bha nan aghaidh nuair a thachair sin air ais ann an 1990, agus air an dearbh phàirce far am bi na Sgitheanaich a' cluiche Disathairne, Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis.
Chaidh na Sgitheanaich a-steach dhan gheama làn misneachd oir bha iad air Ceann a' Ghiuthsaich - a bha air Cupa na Camanachd a thogail ann an 1987, 1988 is 1989 - a chur a-mach às an fharpais sa chuairt mu dheireadh.
Cha bu bheag an dràma a bh' ann nuair a choinnich na Sgitheanaich is an Gearasdan aig Pàirc a' Bhucht.
Chaidh na Sgitheanaich air thoiseach le tadhal bho Pheadar Gòrdan, ach às dèidh dhan rèitire riaghladh nach seasadh trì 'tadhail' a bha an Gearasdan den bheachd a bha còir aca fhaighinn.
Cha robh a' chonnspaid seachad aige sin.
Àimhreit
Chaidh 'tadhal' an uairsin a dhiùltadh dha na Sgitheanaich fhèin san darna leth, mus do chuir Willie Cowie am ball dhan lìon is b' e 2-0 a bh' ann.
Air ais gun tàinig an Gearasdan is Victor Mac a' Ghobhainn is Deek Camshron le tadhail a thug co-ionnan iad.
Dh'fhàs e na bu mhiosa dha sgioba an eilein.
Chaidh cairt dheag a shealltainn dha Iain MacRath airson rudeigin a thuirt e ris a' mhaor tadhail.
Bha na Sgitheanaich mì-thoilichte oir cha robh MacRath air cairt bhuidhe fhaighinn - is bha iad feargach nuair a thàinig e am bàrr gun robh an t-oifigear ag èisteachd ri ball-coise air an rèidio aig an àm.
Bha coltas ann an uairsin gun robh buille bàis ann dha na h-eileanaich is slaic peanais ga thoirt seachad.
Shàbhail Iain 'Bodach' MacCoinnich an sgioba aige, ge-tà, le oidhirp shònraichte 'son stad a chur air slaic Willie Dhòmhnallaich.
Ath-bheòthachadh
Thug sin spionnadh dha na Sgitheanach is rinn tadhail ann an ùine a bharrachd bho Willie Cowie is Calum Murchison a' chùis dhaibh 4-2.
Bha aig a' Ghearasdan ri feitheamh dà bhliadhna eile 'son Cupa na Camanachd a thogail 'son a' chiad uair.
Mar a tha fios aig a h-uile duine, chaidh na Sgitheanaich air adhart gus Cupa na Camanachd a bhuannachadh ann an 1990 le buaidh 4-1 an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich.
Cha d' fhuair iad seachad air an iar-chuairt dheireannaich bhon uairsin, is nì iad oidhirp eile Disathairne, air ais aig Pàirc a' Bhucht.
Le dithis de na gaisgich sin bho 1990, Willie Cowie is Peadar Gòrdan, a-nise os cionn na sgioba, bidh iad ag amas air an tuilleadh eachdraidh a dhèanamh.
Pàirc a' Bhucht a-rithist ann an iar-chuairt dheireannaich Chupa na Camanachd ma-thà - is na Sgitheanaich airson is gur e 1990 a bhios ann a-rithist - às aonais an rèidio.
Le taing do Chamanachd an Eilein Sgitheanaich, taobh a-muigh.