Baton na Banrìgh a' tadhal air Ìle
Às dèidh dha nochdadh ann an Glaschu an-dè thadhail baton na Banrigh air Eilean Ìle an-diugh, agus e air turas mun cuairt air Alba.
Chuir clann-sgoile agus inbhich fàilte air - air là eireachdail - mus do dh'fhalbh e a-rithist gu ruige Dùn Dè.
Chaidh am fear-naidheachd againn, Andreas Wolff, sgrìob bheag còmhla ris.