Am Bail' Ùr dhan chuairt dheireannaich
Cluichidh Baile ùr an t-Slèibh an aghaidh Lòbhat 'sa chuairt dheireannaich de Cupa na Camanachd am bliadhna.
Rinn sgioba Bhàideanach a' chùis air an Eilean Sgitheanach ceithir gu h-aon ann an Inbhir Nis Disathairne gus faighinn troimhe chun na cuairte mu dheireadh a th'ann an ath mhìos.