Ross County air call an aghaidh Rangers
- Air fhoillseachadh

Ann an diog dìth na cèille chuidich fear-glèidhidh Ross County, Alfredo Morelos, dà thadhal fhaighinn agus Rangers trì puingean a thogail ann an Inbhir Pheofharain.
Bha Morelos air Rangers a chur air thoiseach mar-thà nuair a thionndaidh am fear-glèidhidh 'son am ball a thoirt bhuaithe.
Ach thug Scott Fox ùine mhòr a' faighinn cuidhteas den bhall.
Dh'èirich Morelos gu a chàsan agus ghoid e am ball, ga chur dhan lìon gun duine 'son stad a chur air.
Thàinig County air ais anns an dàrna leth den gheama le Tòmas Mikkelson a' cur tadhail dhaibh le a cheann.
Ach rinn Eduardo Herrera cinnteach gum faigheadh Rangers na trì puingean.
'S e seo an còigeamh geama san lìog air falbh bhon taigh a tha Rangers air glèidheil an sreath a chèile, gam fàgail sa chòigeamh àite san lìog.
Tha Ross County a-nis air trì geamaichean an sreath a chèile san lìog a chall.
Anns na trì tursan mu dheireadh a tha an dà sgioba air coinneachadh tha iad air a bhith co-ionnann.
Agus tha County fhathast gun geama a bhuannachadh anns na seachd geamaichean a tha iad air cluiche an aghaidh a chèile.
Tha seo a' fàgail Ross County san naoidheamh àite san lìog, dìreach trì puingean air thoiseach air Partick Thistle aig a' bhonn.