Laura Nic an t-Saoir air tilleadh a Bharraigh
- Air fhoillseachadh

Tha Laura Nic an t-Saoir, an deugaire a chaidh a ghoirteachadh san ionnsaigh ann am Manchester, air tilleadh dhachaigh a Bharraigh.
Chaidh Laura a goirteachadh nuair a bha i aig cuirm Ariana Grande sa bhaile.
Bha i fhèin, agus a caraid Eilidh NicLeòid, air siubhal à Barraigh sìos a Mhanchester airson na cuirm sa Chèitean, nuair a thug bombair fèin-mhairbhteach ionnsaigh air an talla as deidh na cuirm.
Bha Eilidh am-measg 22 neach a chaill am beatha agus chaidh Laura a droch ghoirteachadh.
Bha Laura air a bhith a' faighinn leigheas an toiseach ann am Manchester.
Ach, chaidh a gluasad gu ospadal ann an Glaschu san Iuchar, agus i a' deànamh adhartais.
Tilleadh dhachaigh
Thàinig fios gu bheil Laura air tilleadh dhachaigh a Bharraigh, ceud là às dèidh na h-ionnsaigh.
Thuirt a parantan gu bheil iad air an dòigh glan gu bheil i air ais aig an taigh.
Tha iad airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a tha air an cuideachadh gu ruige seo.
Dh' iarr an teaghlach gun deigheadh am fàgail aig fois aig an àm a tha seo gus an tèid aca air coimhead as dèidh Laura.