Pontùin ùra aig caladh an Òbain

Dh'fhosgail na pontùin ùra aig caladh an Òbain gu h-oifigeil Diardaoin.

Gabhaidh na goireasan ùra 36 bàtaichean, agus faodaidh soithichean a bhith ceangailte riutha suas ri trì là.

Mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris, tha dòchas ann gun tàladh seo barrachd iachtaichean agus bhàtaichean cuairt-mara dhan bhaile.