Bàs anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' rannsachadh às dèidh mar a chaidh fireannach, 52, fhaighinn marbh anns a' mhuir ann an Srannd anns na Hearadh Disathairne.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 16:15 Disathairne.
Tha beachd ann gun robh am fireannach a' feuchainn ris an t-sàl fhaighinn a-mach à rib 's gun thuit e dhan a' mhuir.
Ged a tha na poilis a' rannsachadh, chan eil iad dhen bheachd gu bheil càil amharasach mu bhàs an duine.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh