Ceum air adhart a thaobh Ospadal Bharraigh
- Air fhoillseachadh

Tha dòchas ann gu bheil ospadal ùr do Bharraigh ceum nas fhaisge.
Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a-nise air aithisg a chur dhan Riaghaltas a' mìneachadh nam buannachdan a thigeadh le ospadal ùr dhan eilean.
Dh'aontaich am bòrd-slàinte ann an 2012 gum bu chòir goireasan slàinte ùra a thogail air an làraich far a bheil Ospadal Naomh Briannan, is iad ag aideachadh nach eil an t-ospadal freagarrach san là a th' ann.
Chaidh iomadail dàil air a' chùis bhon uairsin, ge-tà.
Thuirt an comhairliche Bharrach, Dòmhnall Manford, gu bheil e air a dhòigh gu bheil pàipear gnothachais mun phròiseict a-nise ann an làmhan Riaghaltas na h-Alba.
"Ceum mòr"
"S e ceum mòr air aghaidh a th' ann", thuirt an Comh. Manford.
"S e a-nise suas ri trì bliadhna co-dhiù bho chaidh seo a chur a-staigh an toiseach. Tha e doirbh a thuigsinn gun tug e cho fada seo a dhèanamh deiseil airson a chur air ais a-staigh a-rithist, ach co-dhìu tha e ann agus tha sinn toilichte ri sin agus feumaidh sinn na ceumanan dòigheil a ghabhail anns an aithghearrachd", thuirt e.
Thuirt an Comh. Manford gu bheil e an dùil is an dòchas a-nise gun cuir Comhairle nan Eilean Siar a' phròiseict sa phlana chalpa aca ro dheireadh na bliadhna.
Dh'iarr e cuideachd gum bruidhinn am bòrd-slàinte ris a' choimhearnsachd ann am Barraigh fhad 's a tha an Riaghaltas a' meòrachadh air a' chùis.
Thuirt e nach eil e comasach innse cuine dh'fhaodadh obair togail tòiseachadh, ach gu bheil a-nise dòchas ann.
"Tha mi dòchasach gun tòisich sinn air gluasad air an ath-bhliadhna, ach gu dearbha fhèin e chan eil sinn, thuige seo, air a bhith luath sam bith air dèanamh adhartais", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 Am Faoilleach 2017
