Comhairliche Gàidhealach air an SNP fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Soidhne SNP

Dh'innis fear de chomhairlichean an SNP air a' Ghàidhealtachd gu bheil e air am pàrtaidh fhàgail.

Bha Coinneach Gowans, a tha a' riochdachadh Inbhir Nis a Deas, na bhall den SNP fad 40 bliadhna.

Thuirt an Comh. Gowans gu bheil e fhathast a' cur taic ri neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Dh'innis e, ge-tà, nach eil na beachdan agus feallsanachd aige fhein a-nis a' tighinn a reir cheannas bhuidheann SNP Chomhairle na Gaidhealtachd.

Thuirt ceannard na buidhne sin, Maxine Nic a' Ghobhainn, gun robh e tàmailteach gun robh Mgr Gowans a' coiseachd air falbh bhon phàrtaidh, a dh'aindeoin is gun deach a thaghadh le luchd-bhòtaidh SNP bho chionn ceithir mìosan.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh