Cuairt Ghàidhlig timcheall air pàirce ann an Dùn Èideann
Chaidh cuairt lusan a chumail ann an Dùn Eideann a-raoir.
Ghabh buidhean de dhaoine cuairt tro Phàirce an Ròid anns a' bhaile a choimhead air lusan, na h-ainmean Gàidhlig a th' orra 's mar sin air adhart.
'S e iomairt na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann a rinn e, 's tha dùil aca barrachd dha sheòrsa a dhèanamh.
Bha am fear-naidheachd againn Ruairidh MacÌomhair an làthair.