Rabhadh uisge an Tolastadh bho Thuath
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Uisge na h-Alba air muinntir Tholastaidh bho Thuath ann an Leòdhas an t-uisge aca a ghoil mus tèid òl, agus iad air E.coli a lorg ann an stòr-uisge na sgìre.
Tha an suidheachadh a' toirt buaidh air 218 taigh.
Tha Uisge na h-Alba cuideachd a' toirt seachad uisge ann am botail dha muinntir nan taighean sin.
Thuirt a' bhuidheann nach eil an gnothach a' bualadh air sgìrean eile idir.
Dh'innis iad gu bheil iad ag obair còmhla ri Bòrd Slàinte nan Eilear Siar, is gun tèid fios a sgaoileadh nuair a gheibh iad fuasgladh dhan t-suidheachadh.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh