Naidheachdan 11:00m
Foillsichidh Rùnaire an Dìon reachdas ùr airson a bhith a' tògail bhàtaichean a dh'fhaodadh cur gu mòr ri gàrraidhean shoithichean Bhreatainn. Ach bidh an naidheachd a' ciallachadh gum feum gàrraidhean Alba bho seo a-mach a bhith a' farpais airson chùmhnantan obrach sam bith. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachd a' dearbhadh phlanaichean airson co-dhiù còig soithichean cogaidh a thogail dhan Chabhlach Rìoghail. Tha e coltach gun tèid an obair airson an togail a roinn a-mach eadar gàrraidhean air feadh na dùthcha air fad. Tha seo a' tighinn agus Ministreachd an Dìon ag iarraidh na billeanan notaichean a shàbhaladh.
Tha planaichean san amharc airson aon dha na tuathan gaoithe as motha air a' Ghàidhealtachd a thogail gus cumhachd a chumail ri leaghadair aluminium a' Ghearasdain. Thuirt a' chompanaidh a tha a' ruith na làraich - GFG Alliance - gun deadh na muilnean - 54 dhuibh - a dhèanamh le stàilinn Albannach san ionad aca ann an Tobair na Màthar agus mar sin, gun cumadh a' phròiseact obair ann an Siorrachd Lainnrig agus air a' Ghàidhealtachd.
Tha am Pàrtaidh Làbarach ag iarraidh chòmhraidhean Brexit eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus riaghaltasan eile Bhreatainn ro dheireadh na mìos. Ann an litir gu Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, thuirt an rùnaire dùbhlanach, Lesley Laird, gu bheil cion conaltraidh nach urrainnear gabhail ris air a bhith eadar Westminster is Riaghaltas na h-Alba agus riaghaltasan eile. Tha i a' cumail a-mach gu bheil e a' fàileachdainn air ministearan dèiligeadh ri Brexit ann an dòigh a tha fosgailte agus follaiseach.
Tha aon dha na stoirmean as làidire a chaidh a chlàradh a-riamh sa Chuan Shiar - Hurricane Irma - air eileanan Antigua, Barbuda agus Anguilla a ruighinn. Tha na h-ùghdarrasan ann an sgìre Key West ann an Florida air òrdanachadh do dhaoine an sgìre fhàgail. Tha bàta leis a' Chabhlach Rìoghail, a th' air a bhith an sàs ann an iomairtean an aghaidh a bhith a reic dhrugaichean san sgìre, a' feitheamh airson cuideachadh le iomairt cobhair sam bith aon uair 's gum bi an stoirm seachad. Tha gèiltean suas ri 185 msa uair an cois na stoirm.
Chaidh dithis dheugairean a chur fo chasaid an dèidh mar a chaidh balach beag air baidhseagal a leagail le moped ann an Obar Dheathain. Chaidh am balach a leòn san tachartas air Cornhill Terrace feasgar na Sàbainn. Tha dùil gu nochd na fir, aois 18 is 19, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Obar Dheathain an-diugh fhathast.
Chaidh comhairleachadh do mhuinntir Tholastaidh ann an Leòdhas an t-uisge aca a ghoil an dèidh mar a chaidh E.coli a lorg ann an siostam stòraidh uisge a' bhaile. Tha Uisge na h-Alba ag ràdh an dèidh dhaibh bruidhinn ri NHS nan Eilean Siar, gu bheil iad ag iarriadh air daoine an t-uisge aca a ghoil mus òl iad e neo mus bruich iad càil leis. Tha iad cuideachd air botail uisge a thoirt do mhuinntir a' bhaile gus am bi iad cinnteach gu bheil an t-uisge math gu leòr airson òl a-rithist.