Airgead ga thilleadh gu Hospice na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Tha Hospice na Gàidhealtachd air pàirt dhen airgead a chaidh a ghoid bhuapa le foill anns an Iuchar fhaighinn air ais.
Bha an carthannas am measg ghrunnan bhuidhnean air Ghàidhealtachd a chaill airgead le sgeama vishing as t-samhradh.
Ghoid eucoirich £570,000 à cunntas a th' aig Hospice na Gàidhealtachd le Banca na h-Alba.
Thuirt Poilis na h-Alba gun do ghoid iad £2.5m uile gu lèir bho bhuidhnean air a' Ghàidhealtachd.
Tha Àrd Stiùiriche Hospice na Gàidhealtachd, Kenny Steele, ag ràdh a-nis gu bheil iad air còrr air £170,000 fhaighinn air ais - agus gu bheil iad a' sùileachadh barrachd fhaighinn cuideachd.
Thug e taing do Bhanca na h-Alba airson an cuideachadh, is e ag ràdh gun robh iad a' tuigse cho cudromach sa tha a' mhaoin aca airson cùram air a' Ghàidhealtachd.