Bodach an Stòirr: iarrtas fearainn ga dhiùltadh
- Air fhoillseachadh

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd tagradh airson fearann aig Bodach an Stòirr san Eilean Sgitheanach a reic ri buidheann coimhearsnachd san eilean.
Chuir Urras an Taobh Sear iarrtas a-steach bho chionn goirid is iad ag amas air an fhearann a ghabhail os làimh.
Tha iad airson leasachadh mòr a dheànamh aig an làraich, a tha a' tàladh còrr is 150,000 neach-turais sa bhliadhna.
Tha draghan air nochdadh anns an sgìre mu cho trang 's tha an t-àite le luchd-turais as t-samhradh, 's cion ghoireasan ann dhaibh.
Bha an t-urras airson pàirce-chàraichean, taighean-beaga poblach agus bùird-fiosrachaidh a stèidheachadh.
Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd grunn adhbharan, taobh a-muigh airson an tagradh a dhiùltadh.
Nam measg, dh'innis iad nan cuireadh iad pàirce-chàraichean na làraich bhuapa gun cailleadh iad cothrom air airgead a thogail airson a chosg air a' chòrr den làraich, a bhiodh fhathast ann an làmhan an ùghdarrais.
Airgead
Mhìnich iad gum feumadh iad £400,000 bhon bhuidseat chalpa aca a thoirt do dh'Urras an Taobh Sear fon tagradh.
Thuirt iad nach eil ionmhas ann am prògram calpa 2017/18 airson na làraich seo, is nach biodh e ciallach dhaibh an t-airgead a thoirt seachad gun chùmhnantan a bhith air an aontachadh air suidheachadh na làraich san àm ri teachd, is dearbhadh aig Urras an Taobh Sear air maoineachadh a bharrachd bho bhuidhnean eile.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air a bhith ag obair còmla ri Urras an Taobh Sear is gun robh iad den bheachd bho thùs gun gabhadh leasachaidhean a chur air adhart tro chom-pàirteachas.
Thuirt iad, ged a chaidh tagradh an urrais a dhiùltadh, gu bheil iad misneachail gun tig na leasachaidhean a tha a dhìth aig an làraich fhathast tro chom-pàirteachas.
Dh'innis a' chomhairle gu bheil iad air cuireadh a thoirt dhan urras a dhol an sàs ann an còmhraidhean a bharrachd mun chùis.
Thuirt iad cuideachd gun do chuir comhairlichean an Eilein Sgitheanaich air fad taic ris a' cho-dhùnadh aca.
Briseadh-dùil
Thuirt Urras an Taobh Sear gun robh co-dhùnadh na comhairle na bhristeadh-dùil dhaibh.
Dh'innis cathraiche an urrais, Sandy Ogilvie, gun do rinn iad co-chomhairle le muinntir an àite is buidhnean poblach, is gun robh e den bheachd gun robh plana aca a bhiodh air feum mòr a dhèanamh.
Thuirt Mgr Ogilvie gu bheil an t-urras gu làidir a' creidsinn gun robh na planaichean aca a' tighinn a rèir reachdais Riaghaltas na h-Alba 'son barrachd chumhachdan a thoirt do choimhearsnachdan.
Thuirt e gum beachdaich bòrd Urras an Taobh Sear a-nise air co-dhùnadh na comhairle.
Tha cothrom aca ath-thagradh a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 Am Màrt 2017

- Air fhoillseachadh28 An t-Iuchar 2016
