Milleadh aig Raon-Goilf Bhaile Dhùbhthaich
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr na Poilis taic an t-sluaigh às dèidh mar a chaidh milleadh a dhèanamh aig Raon-Goilf Bhaile Dhùbhthaich.
Tha e coltach gun deach motar-baidhseagal no quad-baidhg a dhràibheadh air an raon.
Chaidh feansa a sgrios is rinneadh damaiste air trì de na tuill.
Tha na Poilis ag ràdh gun do thachair seo eadar 7:00f oidhche Mhàirt is 07:30m Diciadain.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fònadh gu 101 agus àireamh NE12944/17 a thoirt seachad, no fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh