Tatù airm na Gàidhealtachd aig Gearastan Deòrsa

Bidh fuaim na pìoba agus ceòl gu leòr ri chluinntinn aig Gearastan Deòrsa thar na deireadh sheachdain 's Tatù na Gàidhealtachd ga chumail.

Le còmhlain ciùil, dannsairean, taisbeanaidhean a' comharrachadh diofar bhlàran cogaidh, agus itealain bhon RAF a sgeith tarsainn a' ghearastain, bidh gu leòr ann dhan luchd-amhairc.

Tha an t-ullachadh a' leantainn air a shon, agus tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan ann dhuinn a nochd.