An MAIB a' foillseachadh na h-aithisg aca mu thubaist an Transocean Winner

Tha eòlaiche ann an gnìomhachas na h-ola ag ràdh gun robh tubaist an Transocean Winner - an clàr-ola a chaidh air tìr ann an Leòdhas an-uiridh - a' nochdadh dith-eoòlais a-measg a' chriubha.

Tha aithisg a thàinig an-diugh bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara ag ràdh nach deach plana ceart a dheasachadh, nach robh an uèir tobhaigidh ann an stait mhath, agus gun tug iad ro fhada gun innse gu robh cùisean a' dol cearr.

Bha am fear-naidheachd againn Aonghas Dòmhnullach a' leantainn na sgeòil.