Soirbheachas do dh'Alba ann an Cupa Phoenix - farpais goilf do dhaoine ciorramach
Rinn Alba a' chùis air a' chòrr de Bhreatainn ann an Cupa Phoenix - sin farpais goilf do dhaoine ciorramach.
Seo an ceathramh turas a chaidh an fharpais a chluich agus 's ann a tha i a' fàs - a-reir an fheadhainn a bhios ga ruith.
Am bliadhna bha an fharpais ann an Siorrachd Pheairt agus chaidh Calum Dòmhnallach ann dhuinne.