Air tòir MhicShimidh
- Air fhoillseachadh

MacShimidh
B' e duine cho connspaideach 's a bh' air a' Ghàidhealtachd san 18mh linn.
Rugadh Sim Friseal ann an 1667, is chuir e roimhe mar dhuine òg a bhith na cheann-chinnidh air na Frisealaich.
Rinn e a' chùis air sin le a bhith a' toirt air Amelia Fhriseal - banntrach MhicShimidh - a phòsadh.
Chaidh an tiotal a thoirt bhuaithe, is an uairsin a chur air ais nuair a thug e taic dhan Riaghaltas an aghaidh nan Seumasach aig àm àr-a-mach 1715.
B' e a cho-dhùnadh taobhadh ris na Seumasaich ann an 1745 a chuir às dha Sim Friseal.
Ghlac na saighdearan dearga MacShimidh is e a' feuchainn ri teicheadh dhan Fhraing às dèidh sgrios Chùil Lodair.
Chaidh a thoirt a Lunnainn far an deach a cheann a thoirt bhuaithe.
'S e a' cheist a bha air mòran bhon uairsin - dè thachair dha corp MhicShimidh.
Gu h-oifigeil chaidh a thiodhlaigeadh ann an Lunnainn.

Taigh-adhlacaidh Wardlaw.
A rèir nam Frisealach, ge-tà, chaidh an corp a thilleadh dhan Ghàidhealtachd agus a thiodhlaigeadh ann an taigh-adhlacaidh an teaghlaich ann an Cnoc Mhoire.
Tha eòlaichean a-nise ag amas air fuasgladh fhaighinn dhan cheist.
Thèid sgioba an sàs an ath-mhìos gus ciste a thogail às an uaigh ann an taigh-adhlacaidh Wardlaw.
Nì iad an uairsin sgrùdadh air an dust, is iad an dòchas gun innis sin dhaibh a bheil Sim Friseal air a thiodlaigeadh ann an Cnoc Mhoire.
Bidh an t-Ollamh Sue NicUilleDhuibh bho Oilthigh Dhùn Dè os cionn na h-obrach air an 5mh là den Damhair.
"Bha an Riaghaltas ag ràdh bho thùs gu bheil Sim Friseal air a thiodhlaigeadh fon t-seipeal aig Tùr Lunnainn", thuirt Erik Lundberg bho Urras Taigh-Adhlacaidh Wardlaw.
"Bha na Frisealaich cinnteach, ge-tà, gun d' fhuaireadh grèim air a' chorp mus do ràinig e an tùr, is gun deach a thoirt dhachaigh", thuirt e.
Dh'innis Mgr Lundberg gu bheil e nearbhasach, ach gu bheil e a' creidsinn gun seall an sgrùdadh gu bheil MacShimidh air a thiodlaigeadh air a' Ghàidhealtachd.