Geama eachdraidheil sa Chlachan Aillseach

  • Air fhoillseachadh
Pàirce Cheann Loch SeileTùs an deilbh, John Allan / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

'S e seo an geama mu dheireadh a bhios aig Ceann Loch Seile sa Chlachan Aillseach, agus 's e geama cho cudromach 's a bha riamh aca.

Bho chionn cha mhòr 300 bliadhna, chaidh dà fheachd an sàs ann an càch a chèile ann an Cinn Tàile.

Air a' cheann thall, chaidh an là le airm an Riaghaltais le buaidh a thug Àr-a-mach nan Seumasach ann an 1719 gu ceann.

Tha na thachair aig Blàr Ghlinn Seile ga chomharrachadh air a' mhapa le Sgurr nan Spàinnteach air ainmeachadh às dèidh an fheadhainn às an dùthaich sin a bha ann an arm nan Seumasach.

Beagan mhìltean an iar-thuath air làrach a' bhlàir, thèid dà thaobh an sàs ann an càch a chèile Disathairne is iad ag amas air buille mhòr a thoirt.

Ceann Loch Seile is Caol Bhòid a' coinneachadh am Prìomh Lìog na h-iomain. An dàrna geama mu dheireadh aig gach sgioba, is cothrom aca le chèile an lìog a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

'S e seo, tha fios, an geama as motha a chluich Ceann Loch Seile a-riamh.

Chan eil e cho fada sin bho cho-dhùin an cluba a dhol air ais dhan ìre as ìsle san roinn a tuath, is ath-thogail a dhèanamh.

Aiseirigh

'S dòcha nach do thuig iad aig an àm dè dìreach cho soirbheachail 's a bhiodh iad.

Tha iad air a bhith stèidhichte sa Phrìomh Lìog grunn bhliadhnaichean a-nise, bhuannaich iad Cupa MhicAmhlaidh an-uiridh - a' chiad chupa mhòr ann an eachdraidh a' chluba - is gluaisidh iad gu pàirc ùr àlainn ann an Rèaraig an ath-bhliadhna.

Tha cothrom aca an toiseach eachdraidh a dhèanamh sa gheama mu dheireadh air an t-seann phàirc aca sa Chlachan Aillseach.

Chan eil, thuige seo, ach trì sgiobaidhean air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh. 'S iad Ceann a' Ghiuthsaich, An Gearasdan is Baile Ùr an t-Slèibh.

'S e ceum mòr, mòr a bhiodh ann nam b' urrainn do Cheann Loch Seile an t-ainm aca a chur air an liosta sin, is clach-mhìle cho mòr 's a bh' ann do dh'iomain air a' chosta an iar, chanadh mòran, bho bhuannaich na Sgitheanaich Cupa na Camanachd ann an 1990.

Bha beagan chonnspaid ann ro thoiseach an t-seusain seo nuair a bhòt Seile airson Johnston Gill - a bha na mhanaidsear roimhe - a chur air ais san dreuchd an àite Chailein Fhriseil, a bha air an cluba a stiùireadh gu Cupa MhicAmhlaidh.

'S dòcha gun robh ceist no dhà ann mun cheum sin nuair a chaidh Seile a-mach às na cupannan uile tràth am-bliadhna.

Prìomh Lìog na h-Iomain

Chum iad orra san lìog, ge-tà, is iad air dìreach 1 gheama a chall a-mach à 16.

Theab gun robh iad ann an suidheachadh fiù 's nas làidire san lìog is iad 2-0 air thoiseach air Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich aig deireadh an Iuchair is gun ach 10 mionaidean air fhàgail.

Thàinig sgioba Chòmhghaill air ais airson puing a shàbhaladh an là ud, agus às dèidh dhaibh buannachadh an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh an t-seachdain seo chaidh fhad 's a bha Seile a' leigeil às puing eile an aghaidh Ghleann Urchadain, tha làmh an uachdair aig Caol Bhòid.

Còig tadhail nas fheàrr dheth, dhèanadh puing a' chùis glè mhath dhaibh sa Chlachan Aillseach.

Bidh Caol Bhòid cuideachd mothachail gu bheil cothrom acasan rudeigin sònraichte a dhèanamh an seo.

Chan ann a-mhàin nach eil iad air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh (ged a bha i dìogan air falbh bhuaithe ann an 2011), chan eil sgioba idir bhon cheann a deas air an tiotal a thogail bho chaidh an lìog a stèidheachadh ann an 1996.

Cothrom

Tha cuideachd, air pàipear co-dhiù, geama mu dheireadh nas fhasa air fhàgail aig Caol Bhòid na tha aig Seile.

Bidh Caol Bhòid an aghaidh GMA aig an taigh, is aig Seile ri dhol a Mhossfield an aghaidh Camanachd an Òbain.

Chan eil rian nach bi sgioba Thaigh na Bruaich, ge-tà, ag ionndrainn Ruairidh Dhòmhnallaich sa Chlachan Aillseach Disathairne.

Fhuair an Dòmhnallach càirt dhearg an aghaidh Lòbhait bho chionn cola-deug is e air a chasg fhathast.

Tha feadhainn eile aig Caol Bhòid as urrainn am ball a chur dhan lìon, ach chan eil gin dhuibh cho math ris an Dòmhnallach.

Nuair a bha Caol Bhòid air gleus anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, b' ann mar a bu trice air làithean nuair a bha Ruairidh Dòmhnallach ann an sunnd.

Chan eil dùil ri Spàinntich sa bhlàr air taobh siar Rois an turas seo, ma-thà, ach tha Ceann Loch Seile is Caol Bhòid le chèile glè fhaisg air an eachdraidh fhèin a dhèanamh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh