Boireannach air bàsachadh ann an tubaist-rathaid
- Air fhoillseachadh

Bhàsaich boireannach ann an tubaist rathaid ann am Moireabh agus chaidh triùir a thoirt dhan ospadal.
Tha dithis aca air an leòn gu dona.
Thachair an tubaist, le Vauxhall Corsa dearg le ceathrar air bòrd, air a' B9010 Farrais gu Ràthard aig 01:35m Diciadain.
Bhàsaich an dràibhear, boireannach 24 bliadhna de dh'aois, aig an làraich.
Chaidh boireannach, 22 bhliadhna de dh'aois, a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain is i air a goirteachadh gu dona.
Bha fireannach, 23, air a dhroch leòn cuideachd.
Tha esan ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Chaidh fireannach eile, 31, nach robh cho dona air a leòn, a thoirt gu Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn.
Chaidh an rathad a dhùnadh gus an deadh an làrach a sgrùdadh.
Tha na Poilis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart, agus tha iad cuideachd airson faighinn a-mach càite an robh an càr agus an ceathrar a bha na bhroinn anns na h-uirean de thìde ron tubaist.