NHS Roinn a' Mhonaidh gan dìon fhèin
- Air fhoillseachadh

Chuir Bòrd-Slàinte Roinn a' Mhonaidh dìon air a' bheachd gur dòcha gum bi aig euslaintaich le trioblaidean cridhe ri dhol dhan ospadal ann an ceann a tuath Shasainn.
Dhearbh am bòrd-slàinte gun tàinig iad gu aonta le ospadal ann an Newcastle, ach nach d' fhuair duine às an sgìre cùram ann fhathast.
Thog a' chuis a tha seo ceann agus BPA air a' Ghàidhealtachd ag innse gun robh aig fireannach às an sgìre ri feitheamh trì mìosan airson obair-lannsa.
Thuirt Bòrd-Slàinte Roinn a' Mhonaidh nach b' urrainn dhaibh amasan Riaghaltas na h-Alba, gun tèid euslaintaich fo obair-lannsa taobh a-staigh dusan seachdain, a choileanadh.
Dh'innis iad gum biodh aca ri prìomhachas a thoirt dhan fheadhainn aig an robh am feum as motha.
Thuirt Rùnaire na Slàinte gur e cion luchd-obrach a bu choireach
Thàinig e am bàrr cuideachd gun robh aig euslaintauich ri dhol fo obair-lannsa aig ospadal ann am Bruach Chluaidh thairis air an dà mhìos a chaidh seachad.