Ceistean gan togail mu mheud na sgoile, agus na th' innte de ghoireasan

Tha Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh obrachadh còmhla ri pàrantan agus Comhairle Phàrant Bun-sgoil Steòrnabhaigh a thaobh nan draghan a th'orra mun an sgoil.

Tha ceist ga togail mu mheud na sgoile, dìth ghoireasan agus mu na thachras nuair a theid an tuilleadh thaighean a thogail air iomall a' bhaile.

Tha an aithris seo aig Catriona NicIllInnein.