Owen Coyle na mhanadsair ùr aig Ross County
- Air fhoillseachadh

Chaidh Owen Coyle ainmeachadh mar mhanaidsear ùr air sgioba ball-coise Ross County.
Chuir e ainm ri cùmhnant a mhaireas dà bhliadhna, agus bidh Sandy Stewart a' tighinn còmhla ris mar leas-mhanaidsear.
Tha seo a' tighinn an dèidh mar a chur an club Jim Mac an t-Saoir, agus an leas-mhanadair, Billy Dodds, a-mach às an dreuchdan.
Tha na Staggies an-dràsta san deicheamh àite sa Phremiership.
Bha Coyle, a tha 51, roimhe aig Burnley, a thuilleadh air grunn sgiobaidhean eile, St Johnstone nam measg.
Chluich e cuideachd do ghrunn sgiobaidhean, aig Àrd Ruigh agus Dundee United, am measg eile.
Chuir e seachad cuideachd trì mìosan air ìosad aig Ross County ann an seusan 2000/01.