Dùil ri breith mu thubaistean ralaidh san t-Samhain
- Air fhoillseachadh

Chaill Joy Robson a beatha ann an tubaist aig Ralaidh an Snowman ann an 2013
Tha dùil ri breith bho shiorraidh a bha os cionn an rannsachaidh mu dhà thubaist ralaidh mhairbhteach ann an Alba ro dheireadh na Samhna.
Bha an rannsachadh, aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann, a' coimhead ri tubaist aig Ralaidh an Snowman ann an 2013, anns an do chaill Joy Robson às an Eilean Sgitheanach a beatha, agus ri tubaist eile aig Ralaidh Jim Clark anns na Crìochan ann an 2014 anns an deach triùir a mharbhadh.
Thòisich an rannsachadh anns an Iuchar, agus chaidh fianais a ghabhail bho dhaoine a bha an làthair aig an dà ralaidh.