Leòdhas is na Hearadh troimhe
- Air fhoillseachadh

Bidh Leòdhas agus na Hearadh a' cluiche Bhaile Dhubhthaich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Football Times is iad air adhartas a dhèanamh san fharpais a-rithist.
Shoirbhich leis na h-eileanaich 3-2 an aghaidh Golspie Sutherland air an deireadh-sheachdain.
B' e breab-peanais anmoch sa gheama bho Aonghas Grannd à sgioba Chàrlabhaigh a rinn a' chùis dhaibh ann an Goillspidh.
Bha Innes Iain Moireasdan bhon Taobh Siar air Leòdhas is na Hearadh a chur air thoiseach dà thuras mar thà sa gheama.
Anns na geamaichean eile san fharpais, rinn Arcaibh an gnothach air Inverness Athletic 8-1 is chaidh Inbhir Ghòrdain air adhart 3-1 an aghaidh Inbhir Theòrsa.
Rinn St Duthus à Baile Dhùbhthaich a' chùis air Alanais 4-3 air breaban-peanais às dèidh dhaibh crìochnachadh 1-1.
'S e sgioba Bhaile Dhùbhthaich a bhios an aghaidh Leòdhais agus na Hearadh a-nise san iar-chuairt dheireannaich.
Bidh an geama sin, agus an iar-chuairt dheireannach eile eadar Arcaibh is Inbhir Ghòrdain, ann Disathairne an 14mh den Damhair, ri chèile a' tòiseachadh aig 12:45f.