Pròiseact mu bheatha is bàrdachd Rob Dhuinn

Thòisich pròiseact ùr ann an Dùthaich MhicAoidh airson barrachd aire a thoirt dhan a' bhàrd ainmeal, Rob Donn.

Rugadh Rob Donn ann an 1714 agus thug e iomradh sa bhàrdachd aige air na h-atharrachaidhean mòra ann an saoghal nan Gàidheal anns an ochdamh linn deug.

Mar a tha Magaidh Nic Fhionghuin ag aithris, tha Urras Coimhearsnachd Dùthaich MhicAoidh a-nis air buidheann fhasdadh airson fiosrachadh mun bhàrd a chur air slìghe ùr 'Trailing Donn'.