Dèanamaid Sneachda

  • Air fhoillseachadh
SneachdaTùs an deilbh, DS Pugh/Geograph

Thuirt an duine leis a bheil balla deigh Chinn Loch Lìobhann gum feum ionadan spòrs a' Gheamhraidh ann an Alba barrachd airgid a chosg air sneachda a dhèanamh iad fhèin.

'S ann le Jamie Mac a' Ghobhainn a tha an Ice Factor ann an Ceann Loch Lìobhann, am balla deigh as motha san t-saoghal.

Tha cuideachd ionad aige ann an Glaschu airson sgitheadh a-staigh agus sneachda ga dhèanamh ann.

Tha e a' cumail a-mach gur e sin an aon dòigh a bhios na h-ionadan buan san àm ri teachd.

Tha Ionad a' Chàirn Ghuirm air innse gun dèan iadsan deuchainnean air a' Gheamhradh le inneal a nì sneachda.

'S e cho truagh 's a bha an seusan mu dheireadh a thug orra seo a dhèanamh..

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn ag ràdh gun dèanadh seusanan eile mar sin sgrios air a' ghnìomhachas.