Bàs ann an Caol Muile
- Air fhoillseachadh

Bhàsaich an dàibhear aig Ospadal Latharna agus nan Eilean anns an Òban.
Bhàsaich fireannach an dèidh dha a bhith a' dàibheadh ann an Caol Muile.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm an dèidh dha a dhol ann an laisge 's e a' dàibheadh Diluain.
Chaidh a sgèith a dh'Ospadal Latharna agus nan Eilean san Òban.
Thuirt Poileas Alba gun do chaochail e ann an sin agus gun robh iad a' rannsachadh na cùise.