Naidheachdan 11:00m
Thuirt Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, gu bheil an Riaghaltas ag amas air aonta ro dheireadh na bliadhna air dè an cruth a bhios air gluasad eadar-amail air falbh on Aonadh Eòrpach. Dh'aontaich na 27 dùthchannan eile a tha anns an EU an t-seachdain seo chaidh gun tòisich iad fhèin air còmhraidhean eadar iad mu aontaidhean eadar-amail. Agus thuirt Mgr Davis an-diugh nach tèid measadh air buaidh eaconamaich Bhrexit air Alba fhoillseachadh gu poblach, ged a tha dùil aige am fiosrachadh sin a thoirt do mhinistearan Albannach.
Bha fàs beagan nas motha na bha dùil ann an eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte. Bha fàs de 0.4% ann an toradh GDP na dùthcha eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain, a rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta.
Chuir Prìomhaire na Spàinne, Mariano Rajoy, dìon air a' cho-dhùnadh gun còmhradh ri Ceannard Chatalonia, Carles Puigdemont. Dh'innis e do Phàrlamaid na Spàinne nach bi còmhradh ann cho fad 's a tha Catalonia a' cur cùl ri lagh na dùthcha, thuirt e. Bidh Seanadh na Spàinne a' bhòtadh Dihaoine air cur às do chumhachdan fèin-riaghlaidh Chatalonia.
Bidh stèiseanan smàlaidh an Alba a' dùnadh agus bidh nas lugha de luchd-smàlaidh ann, a rèir phàipearan oifigeil air an d' fhuair am BBC sealbh. Tha na pàipearan, gu àrd-stiùiriche na seirbheis, ag ràdh nach urrainn dhaibh cumail ris a' chruth a th' orra an-dràsta dad nas fhaide na deireadh na bliadhna-ionmhais seo. Dh'innis an FBU, aonadh nan smàladairean, dhan BhBC gu bheil na dusanan de dh'einnseannan smàlaidh nan tàmh a h-uile là le cion criutha. Thuirt ceannard na seirbheis an Alba gum feum cùisean atharrachadh ann an dòigh a tha sàbhailte an dèidh conaltraidh phoblaich.
Thuirt luchd-lagha ann an Ceinia gun tèid taghadh a' chinn-suidhe air adhart mar a bha dùil a-màireach. Chaidh athchuinge gu Prìomh Chùirt na dùthcha ag iarraidh dàil anns na taghadh, ach cha robh gu leòr de bhritheamhan an làthair airson beachdachadh air an athchuinge sin.
Tha dragh ann nach fhaigh clann cothrom air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu leis nach eil làrach fhreagarrach aig comhairle a' bhaile airson na treas bun-sgoile Gàidhlig. Tha iad a-niste a' coimhead airson làraich eile an dèidh dhaibh èisteachd ri pàrantan a bha ag ràdh nach robh Sgoil Ghowanbank an ceann a deas a' bhaile freagarrach. Ach tha dragh air pàrantan mun ùine a bheir sin.
Bidh sreath choinneamhan aig Urras Cheann a Tuath na Hearadh air an ath-mhìos a' toirt cothrom do mhuinntir na sgìre innse dhaibh dè tha iadsan ag iarraidh. Tha an t-Urras ag ràdh gun toir na coinneamhan cothrom do dhaoine sùil a thoirt air an obair ris a bheil iad an-dràsta, agus na tha iad a' cur romhpa.