Cuairt Dheireannach do sgioba L&H
- Air fhoillseachadh

Sgioba L&H a' deasachadh.
Bidh sgioba bhall-coise Leòdhais 's na Hearadh air ais air tìr-mòr Disathairne agus iad a' cluich sa chuairt dheireannaich de Chupa an Football Times.
Nan aghaidh, bidh sgioba Àrcaibh.
Rinn iad a' chùis air sgioba St Duthus anns an iar chuairt mu dheireadh 2-1.
Tha sgioba Leòdhais 's na Hearadh air a bhith an ìre mhath soirbheachail anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is iad air Cupa Chailleanach a Chinn a Tuath agus Cupa Sheoc MhicAoidh a bhuannachadh.
Seo an geam mu dheireadh a bhios aig an sgioba gu tòiseach na h-ath bhliadhna nuair a bhios iad a' cluich ann an farpais Sheoc MhicAoidh.
Tòisichidh an geama aig 1.10uf ann an Goillspidh agus bidh e ri chluintinn beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 1.03f.
Tha buidheann Leòdhais is na Hearadh mar a leanas;
Seumas MacLeòid (Na Lochan)
Peadar MacCoinnich (Na Lochan)
Dan Crossley (Càrlabhagh)
Dòmhnall MacAoidh (Càrlabhagh)
Archie Dòmhnallach (Càrlabhagh)
Aonghas Grannd (Càrlabhagh)
Innes Iain Moireasdan (An Taobh Siar)
Gòrdan Caimbeul (An Taobh Siar)
Raibeart Shirkie (An Taobh Siar)
Màrtainn Shields (An Taobh Siar)
Neil Moireasdan (Nis)
Mìcheal Mac a' Ghobhainn (Nis)
Seumas 'Titch' Moireasdain (Nis)
Elliot Ruddal (An Rubha)
Aonghas Dòmhnallach (An Rubha)