Fireannach a bhàsaich ga ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'ainmich na Poilis fireannach òg a bhàsaich ann an tubaist air an A82, faisg air Leitir Fhionnlaigh ann an Loch Abar.
B' e Kyle Bruce, 17, à Drochaid an Aonachain.
Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun na làraich mu 11:32m Diciadain.
Bha Audi A3 gorm air an rathad fhàgail eadar Leitir Fhionnlaigh agus Inbhir Ghlòidh, tuath air Drochaid an Aonachain.
Cha robh carbad sam bith eile an sàs san tubaist, agus cha robh duine eile sa chàr.
Thèid aithisg mun tubaist a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair fònadh thuca air 101, leis a' chòd-chùise NP9811/17.