£300m ga thoirt seachad as dèidh dàil CAP
- Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air cha mhòr £300m de dh'iasadan a thoirt do 12,000 tuathannach agus croitear às dèidh dàil ann am pàigheadh shubsadaidhean bhon EU.
Thuirt ministearan Albannach gun deach 90% de shubsadaidh Phoileasaidh Choitcheann an Àiteachais (CAP) a phàigheadh na bu thràithe na bhathar an dùil.
Thuirt Tòraidhean na h-Alba nach bu chòir dhan Riaghaltas a bhith a' bòstadh mu ghluasad cho beag, agus gum bu chòir dhaibh a bhith ag amas air an t-siostam a chur ceart.
Tha dàil air a bhith anns an t-subsadaidh CAP ri linn siostam coimpiutair ùir nach eil ag obair mar a bu chòir.
Tha an suidheachadh air cuid de chroitearan is tuathanaich fhàgail ann an cruaidh-chàs.
Thòisich sgeama iasaid airson chroitearan agus tuathanaich a chuideachadh ma tha dàil air a bhith orra a' faighinn taicean-subsadaidh àiteachais.