Barrachd airgid a dhìth 'son bun-structair turasachd
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil barrachd na £6m a dhìth 'son leasachadh a thoirt air bun-structair turasachd ann an sgìrean dùthchail.
Thuirt ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, gu bheil iad gu bhith a' sireadh tuilleadh ionmhais bho Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh àireamhan mòra de luchd-turais san Eilean Sgitheanach, an Loch Abar agus ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.
Tha Mairead NicDhàibhidh airson 's gun tèid an t-airgead a tha Riaghaltas na h-Alba air a chomharrachadh airson bun-structar na turasachd a leasachadh ann an sgìrean dùthchail a dhùblachadh.
Dh'ainmich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun tèid £6m a chur an sàs ann an seirbheisean agus goireasan air a bheil luchd-turais agus coimhearsnachdan feumach.
Ann am beachd aon chomhairliche Sgitheanaich, Iain Fionnghlasdan, chan eil na dh'ainmich an Riaghaltas gu leòr, agus feumaidh iad beachdachadh air mar as urrainnear barrachd airgid fhaighinn.
''Tha fios aig a h-uile duine gun robh tòrr luchd-turais air an eilean am-bliadhna, coltach ri Dùn Èideann.
''Feumaidh sinn coimhead air rudan mar na rathaidean. Tha sinne ag iarraidh an £6m air an eilean, chan eil airgead gu leòr an sin 'son na dùthcha air fad.
''Bu chòir dhan Riaghaltas coimhead air tuilleadh airgid a thoirt seachad. Feumaidh gach coimhearsnachd coimhead air na tha a dhìth orra agus obrachadh còmhla gus airgead fhaighinn.
''Tha an t-uabhas cuideim ga chur air bun-structar agus àiteachan-fuirich.
'''S dòcha gun stad luchd-turais tighinn dhan Eilean Sgitheanach mura faigh sinn airgead 'son a chosg air rathaidean is eile,'' thuirt e.