Còmhdhail na Gàidhealtachd san Òban
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-poileataigs bho ìre nàiseanta is ionadail san Òban Diluain is Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dol air adhart sa bhaile.
Tha buaidh Bhrexit agus taic-airgid do ghnìomhachas an iasgaich am measg na tha air a' chlàr-ghnothaich.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, agus Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, am measg na th' ann còmhla ri riochdairean nan ùghdarrasan eileanach.
Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gum bi iadsan a' togail air gnothaichean mar leasachadh air seirbheisean bann-leathainn is fòn-làimhe.
Thuirt e gum bi iad cuideachd a-mach air a bhith a' ceangal nan seirbheisean slàinte is sòisealta còmhla.