Briseadh-dùil dha Leòdhas is na Hearadh
- Air fhoillseachadh

Bha briseadh-dùil ann dha sgioba ball-coise Leòdhais is na Hearadh air an deireadh-sheachdain sa chuairt dheireannaich de Chupa Football Times.
Bha cùisean teann sa chiad leth ann an Goillspidh is Leòdhas is na Hearadh a' strì ri Arcaibh.
Thàinig a' chiad thadhal den gheama às dèidh 70 mionaid nuair a chuir Thorfinn Stout Arcaibh air thoiseach.
Bha boillsgeadh dòchais ann dha Leòdhas is na Hearadh anns na mionaidean mu dheireadh nuair a chaidh Seumas Pickles aig Arcaibh a chur far na pàirce.
Cha do ghabh iad brath air sin, ge-tà, is rinn Arcaibh cinnteach air a' chupa le tadhal eile bho Aiden Drever bho bhreab-peanais.
Chaidh Erik Bews aig Arcaibh a thaghadh mar shàr-chluicheadair a' gheama le sgioba aithris BBC Radio nan Gàidheal.
Leòdhas is na Hearadh:
Seumas MacLeòid, Gòrdan Caimbeul, Neil Moireasdan, Elliot Ruddal, Dòmhnall MacAoidh, Peadar MacCoinnich, Raibeart Shirkie, Dan Crossley (Mìcheal Mac a' Ghobhainn), Innes Iain Moireasdan, Aonghas Grannd, Aonghas Dòmhnallach (Seumas 'Titch' Moireasdain).
Feadhainn nach deach a chleachdadh: Anndra Moireach, Màrtainn Sheilds, Archie Dòmhnallach.
Arcaibh:
Caoimhin MacCoinnich, Owen Rendall (Mark Berry 63), Connan Rendall, Erik Bews, DJ Moffat, Seumas Pickles, Liam Delday (Jamie Flett), Steven Cunningham (Craig Gillon) Chris Hellewell, Thorfinn Stout, Joe Wilson (Aiden Drever).