Bradan air tilleadh gu abhainn thioraim

  • Air fhoillseachadh
Bradan a' leumTùs an deilbh, Walter Baxter/Geograph

Tha bradan air tòiseachadh a' tilleadh gu abhainn ann an Siorrachd Pheairt airson a' chiad uair ann an deugachadh bhliadhnaichean.

Tha uisge a' sruthadh a-rithist ann an earrainn de dh'abhainn Gharradh ri linn aonta a thathas a' meas eachdraidheil.

Tha earrainn den abhainn a tha 10 mìle de dh'fhaid, tuath air Baile a' Chloichridh, air a bhith gun uisge a-niste fad còrr air 60 bliadhna.

Tha an t-uisge air a bhith ga chur an sàs airson cumhachd haidro a dhèanamh.

Ach tha an dama haidro a' cur an uisge a-steach dhan earrann sin de dh'Abhainn Gharradh a-rithist.

Tha seo às dèidh aonta a bhith air a ruighinn eadar a' chompanaidh chumhachd SSE, buidheann dìon na h-àrainneachd SEPA, agus agus Bòrd Iasgaich Bhradain Sgìre Tatha.

Tha dòchas ann gun cuidich seo 1,500 bradan a bharrachd tilleadh dhan abhainn a shìolachadh a h-uile bliadhna, 's gun cuir sin spionnadh dha na h-àireamhan aca.