52 Phlana Gàidhlig am-bliadhna
- Air fhoillseachadh

Chaidh aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig fhoillseachadh aig Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean san Òban.
Tha an aithisg ag innse, am measg rudan eile, gu bheil 52 bhuidheann phoblach an Alba aig a bheil plana Gàidhlig a fhuair aonta am-bliadhna.
Tha i cuideachd ag innse gu bheil 15,000 duine-cloinne ag ionnsachadh na Gàidhlig no ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean ann an sgoiltean air feadh Alba.
Thug am Bòrd còrr is £4.3m de thaic do 300 diofar bhuidheann air a' bhliadhna mu dheireadh.