Fox gu bhith a-mach treis
- Air fhoillseachadh

Chaidh Scott Fox a ghoirteachadh ann am Peairt air a' mhìos seo chaidh.
Dh'innis Ross County nach eil dùil aca gun cluich Scott Fox 'son còig no sia seachdainean.
Ghoirtich am fear-glèidhidh a shliasaid an aghaidh St Johnstone air a' mhìos seo chaidh.
Thuirt manaidsear Chounty, Owen Coyle, gu bheil e an dòchas gum bi Fox fut a-rithist ann am meadhan na Dùbhlachd.
"Chaidh Foxy a dh'fhaicinn eòlaiche ann an Lunnainn", thuirt Coyle.
"Chan eil feum aige air obair-lannsa is 's e deagh naidheachd a tha sin.
"An rud a tha a dhìth air, 's e còig no sia seachdainean mus cluich e a-rithist", thuirt e.
Tha dùil a-nise gum bi Aaron McCarey eadar na puist do Chounty anns na seachdainean ri tighinn.