Bile na Croitearachd: Taighean don òigridh
- Air fhoillseachadh

Bu chòir bile ùr croitearachd feart a thoirt air cho cudromach 's a tha e gum faigh daoine òga cothrom air taigh.
Sin a rèir a' Chomh. Iain Tormod MacLeòid, is co-chomhairle a' dol air reachdas croitearachd.
Tha an Comh. MacLeòid ag ràdh nach eil an òigridh a' faighinn taic gu leòr leis an t-suidheachadh a th' ann.
"Mura bi an òigridh againn cha bhi croitearachd againn," thuirt e.
"Tha iad a' faighinn taic mar as trice an-dràsta airson taighean a thogail, ach tha e air a bhith gu math duilich dhaibh sa bhliadhna no dhà a dh'fhalbh, agus tòrr den òigridh cha robh iad a' faighinn taic, 's dh'fheumadh iad falbh 's coimhead airson taic fhaighinn bho àite air choireigin eile.
"'S e aon de na rudan a bu chòir a bhith anns a' Bhile Chroitearachd ùr, 's e taighean airson an òigridh.
"Tha sin a' toirt teaghlaichean dhan àite, agus a' neartachadh na sgìre againn - sgìre a h-uile duine a th' ann anns na h-Eileanan.
"Agus cuideachd ma thòisicheas iad a' croitearachd, crodh is caoraich cuideachd, bidh sin tòrr nas fheàrr a bharrachd.
"Thog mi fhìn an taigh agam fhìn o chionn fichead bliadhna, is 's ann tron ghrant is iasad croitearachd a bha sin.
"Chan eil iasad ann an-diugh. Tha daoine ag iarraidh a thoirt air ais. Tha iad a' cumail a-mach gum biodh e tòrr nas fheàrr.
"Aon rud a tha duilich dhan fheadhainn òg fhaighinn, 's e airgead fhaighinn bhon bhanca, morgaids, mar a chanas iad.
"Uaireannan bidh am banca ag iarraidh orra £20,000 a chur sìos, 's chan urrainn dhaibh sin a dhèanamh.
"'S e rud a th' ann airson coimhead a-steach, 's dòcha gun tigeadh banca a-steach 's gun toir iad dhut morgaids le croit 's nach leig thu leas airgead mòr a chur sìos.
"Nan tigeadh banca air adhart a dhèanadh sin dhuinn, bhiodh e glè mhath. 'S e rud a th' ann a dh'fhaodadh sinn coimhead ris. Carson nach fhaod?" thuirt e.