Naidheachdan 11:00m

Dh'iarr Theresa May air Rùnaire an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta, Priti Patel, tilleadh a Bhreatainn bho thuras oifigeil ann an Uganda, agus connspaid ann mu choinneamhan a bh' aig Ms Patel ann an Israel. Tha aithrisean ann gum faodadh i a dreuchd a chall an dèidh choinneamhan gun chead agus gun innse dhan Phrìomhaire, ri luchd-poileataigs Israelach.

Thuirt duine tè a bhuineas do Bhreatainn agus Ioran agus a tha sa phrìosan ann an Tehran, gu bheil e an dòchas siubhal gu ruige Ioran còmhla ri Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson. B' fheudar do Mhgr Johnson soilleireachadh a thoirt do Thaigh nan Cumantan an-dè air na thuirt e ron seo mu Nazanin Zaghari-Ratcliffe, agus thuirt e gun tèid e a dh'Ioran. Bha Mgr Jonnson air innse do chomataidh pàrlamaid ron seo gun robh ise a' trèanadh luchd-naidheachd nuair a chaidh a cur an grèim ann an Tehran an-uiridh. Tha Richard Ratcliffe, an duine aice, ag ràdh nach robh a bhean ach a' tadhal air a càirdean, agus gu bheil dragh air gu bheil Riaghaltas Ioran a' cleachdadh bhriathran Mhgr Johnson mar leisgeul airson a cumail anns a' phrìosan.

Tha dhà de na companaidhean cumhachd as motha ann am Breatainn, SSE agus NPower, a' dol còmhla. Bidh a' chompanaidh ùr mun aon mheud ris a' chompanaidh as motha a tha sa ghnìomhachas an-dràsta, British Gas.

Tha an Ceann-Suidhe Trump ann an Sìona, agus 's e Coirea a Tuath as motha a th' air aire a-rithist. Mus do dh'fhàg e Coirea a Deas, thug e rabhadh do Choirea a Tuath gu bheil am prògram niuclasach agus armachd aca a' cur na dùthcha ann am fìor chunnart.

Cuiridh Pàrlamaid na h-Alba aonta an-diugh ri tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Maree Todd, mar Mhinistear airson Cùraim Chloinne. Tha i a' gabhail na dreuchd a bh' aig Mark McDonald a dh'fhàg agus e ag aideachadh gur dòcha gun do rinn e rudan nach robh iomchaidh.

Thuit prothaidean Marks and Spencer ro chìsean air a' chiad leth den bhliadhna-ionmhais. Thàinig prothaidean a-nuas gu £219m, ged a reic iad barrachd stuth.